Tha Sìne Stiùbhart air a cur an dreuchd mar rùnaire an oilthighe aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus bheir i seachad comhairle agus stiùireadh ro-innleachdail do chùirt an oilthighe, buidheann riaghlaidh an oilthighe.

Tha am prìomh dhleastanas seo cuideachd ag eagrachadh obair na cùirte agus nan comataidhean co-cheangailte rithe agus ag obair mar chomhairliche earbsach do bhuill na cùirte mu thimcheall phròtacalan agus gèilleadh ri dleastanasan laghail is reachdail.

Tha Sìne, aig a bheil ceanglaichean teaghlaich dlùtha ris an Eilean Sgitheanach, a' tighinn a-steach à Oilthigh Obar Tatha far a bheil i an-dràsta na rùnaire aig an oilthigh, agus i air a bhith san dreuchd sin airson faisg air deich bliadhna.

Chuir Alasdair MacColla, cathraiche cùirt an oilthighe, fàilte air an eòlas a tha Sìne a' toirt don dreuchd seo: "Tha sinn fortanach gun urrainn dhuinn rùnaire cho eòlach a thàladh chun na dreuchd comhairleachadh riaghlaidh chudromaich seo aig àm deatamach nar leasachadh mar stèidheachd.

"Tha eòlas math aig Sìne mar-thà air ar com-pàirteachas agus tha i an-dràsta a' frithealadh mar Iar-chathraiche air Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a' bhuidheann a tha a' riochdachadh oileanaich bho air feadh na sgìre againn. Bidh i a' tighinn thugainn agus sinn a' gluasad a-steach gu caibideil ùr nar n-eachdraidh an dèidh deich bliadhna nar n-oilthigh a chomharrachadh ann an 2021. Tha sinn air tòrr a choileanadh anns a' chiad deich bliadhna, ach tha tòrr a bharrachd ri thighinn, agus tha mi a' cur fàilte air comhairle Sìne agus sinn a' leantainn ar misean gu seirbheis a thoirt do ar coimhearsnachdan agus ar n-oileanaich."

Tha dreuchdan air a bhith aig Sìne mar neach-gairm Buidheann Rùnairean Oilthighean na h-Alba; ball de Chomataidh Gnìomha Comann Cheannardan Rianachd Oilthigh na RA; stiùiriche neo-ghnìomhach air Solarachadh Adhartach airson Oilthighean is Colaistean Earranta; agus ball de Fhòram Leasachadh Riaghladh AdvanceHE.

A' bruidhinn mun dreuchd aice, thuirt Sìne Stiùbhart: "Tha mi air leth toilichte a bhith an cois Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus a bhith mar phàirt den ìre seo de leasachadh an oilthighe. An dèidh a bhith mar phàirt de bhòrd urrasairean Chomann Oileanaich na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean airson faisg air còig bliadhna, tha rùn, iomadachd agus sàr-mhathas na coimhearsnachd air fad brosnachail agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' cur ri seo."

Bidh Sìne Stiùbhart a' tighinn gu àrd-sgioba an oilthighe air 28 Màrt.

Tha Pròiseact Breug-fhìorachd Àrc-eòlas Uibhist toilichte an app ùr ‘Ulaidhean Uibhist’ a chur air bhog.  Tha am pròiseact seo, le taic bho Chomhairle nan Eilean Siar, air a chruthachadh agus air a stiùireadh le arc-eòlaichean Colaisde a’ Chaisteil.  Is e amas a’ phròiseict cothrom a thoirt do choimhearsnachdan agus luchd-tadhail an app a chleachdadh gus seachd làraichean cudromach ann an Uibhist a rannsachadh.

Gheibhear ceudan de làraichean arc-eòlach iongantach ann an Uibhist, eadar uaighean bho Nuadh Linn na Cloiche gu aon de na làraichean malairt Lochlannach as motha ann an Alba.  Tha Colaisde a’ Chaisteil a’ tabhann chùrsaichean bho ìre inntrigidh gu ìre for-cheum, a’ toirt cothrom mìorbhaileach do dh’oileanaich na làraichean seo, a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, a sgrùdadh ann an àrainneachd bhrèagha fo stiùir eòlaichean air leth.

Tha Colaiste a’ Chaisteil a’ sireadh luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a bhiodh ag iarraidh pairt a ghabhail ann an sgeama meantraidh, gus cothrom a thoirt dhaibh Gaidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.

Tha an sgeama seo airson cothrom a thoirt dha luchd-ionnsachaidh an cànan a chleachdadh agus a leasachadh. Bhiodh an luchd-ionnsachaidh a’ coinneachadh ri meantair, a tha fileanta ann an Gàidhlig, airson timicheall air aon uair a thìde gach seachdain, gus còmhradh riutha gu neo-fhoirmeil. An-dràsta, chan eil comas aig a’ cholaiste ach deichnear luchd-ionnsachaidh a chur tron an sgeama seo.

Tha sinn a’ sireadh luchd-ionnsachaidh adhartach a bhiodh comasach air còmhradh le meantair. 

Air sgàth mar a tha cùisean an-drasta leis a’ Choronabhirus chan eil sinn cinnteach fhathast cuine a thòisicheas seo. Ma tha ùidh agaibh ann a bhith an sàs anns a’ phrògram, neo ma tha ceistean sam bith agaibh, faodaidh sibh fios a chur chun phost-dealain seo: 

This email address is being protected from spambots. You need JavaScript enabled to view it.